Apple

Apple a’ beachdachadh air oifis ùr fhosgladh ann an Carolina a Tuath a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh daoine LCDTE

2018-05-20 le Crìstean MacMhìcheil

Tha dithis oifigearan riaghaltais à Carolina a Tuath air a ràdh gu bheil Apple a’ beachdachadh air oifis corporra mòr fhosgladh anns an stàit – a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh coimhearsnachd LCDTE na stàite.


Apple a’ cur casg air applaidean a tha a’ roinn dàta làraich le treas pàrtaidhean

2018-05-12 le Crìstean MacMhìcheil

A-rèir còltas tha Apple a’ sguabadh applaidean às an App Store aca ma tha iad a’ roinn dàta làraich le treas pàrtaidhean gun cead sòilleir bho luchd-cleachdaidh.


Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an iOS

2018-05-07 le Crìstean MacMhìcheil

Coltach ri macOS chan eil cùs Gàidhlig a’ nochdadh ann an iOS.


Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an macOS

2018-05-03 le Crìstean MacMhìcheil

Gu mì-fhòrtanach chan eil cus Gàidhlig ann am macOS aig an ìre-sa ach o Mac OS X 10.8 a-mach ’s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale. Tha seo a’ ciallachadh gum bi prògraman treas-phàrtaidh a leithid Opera, VLC agus LibreOffice (agus prògraman eile a chleachdas gleus a dh’atharraicheas cànan nam prògraman a-rèir an locale) a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ged nach bi na prògraman a thàinig le Apple fhèin.


iTunes ri fhaoitinn ann an Stòr Microsoft mu dheireadh thall

2018-04-30 le Crìstean MacMhìcheil

Còrr is bliadhna as dèidh fios-naidheachd ga ainmeacadh tha iTunes ri fhaoitinn ann an Stòr Microsoft ann an Windows 10.


Apple air crìoch a chur air an loidhne AirPort aca

2018-04-29 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Apple air crìoch oifigeil a chur air an loidhne AirPort aca, a tha a’ gabhail a-steach an AirPort Express, an AirPort Extreme agus an AirPort Time Capsule.


Seachdamh beta de iOS 9.3 ri fhaoitinn

2016-03-15 le Crìstean MacMhìcheil

Chaidh an seachdamh beta de iOS 9.3 a’ sgaoileadh do luchd-leasachaidh le Apple Diluain.


Apple Music na chiad seirbheis-ciùil le còirichean airson ath-mheasgachaidhean a thabhann

2016-03-15 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Apple air aontachadh le Dubset Media Holdings gum faod iad òrain measgte agus measgachaidhean DJ a chur ris an seirbheis-ciùil aca, Apple Music.


Tachartas Apple 21mh Mhàrt

2016-03-14 le Crìstean MacMhìcheil

Tha Apple air cuiridhean a chur a-mach airson tachartas a bhios iad a’ cumail 21mh Mhàrt aig an àrainn aca ann an Cupertino.


Stràcan ann am Mac OS X 10.7 Lion

2011-07-24 le Crìstean MacMhìcheil

Faodar stràcan a dhèanamh air Mac OS X le bhith a’ cliogadh +**+**LITIR**, mar eisimpleir **⌥**+**+a = à. Ach ann am Mac OS X 10.7 Lion faodar stràcan a dhèanamh le bhith a’ cumail sìos an litir a tha a dhith. Mar eisimpleir chum sìos a agus gheibh sibh popup de stràcan a tha a’ buntainn ris an litir a, dìreach mar a gheibheadh sibh air fòn-làimhe.