Mar dheidhinn

Bidh an t-Ubhal-ghort a’ toirt thugaibh na naidheachdan teicneòlais as ùire le fòcas àraidh air teicneòlas Apple.

Mu Dheidhinn Crìstean MacMhìcheil

Is mise Crìstean MacMhìcheil. Tha mi nam chòdaiche agus nam dheasaiche am blog naidheachd LCDTQ+ Gèidh.uk.

Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha mi nam oileanach aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Ann an 2005/6 rinn mi CertHE Cùrsa Comais aig Colaiste Inbhir Nis. Eadar 2006 agus 2010 bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a’ dèanamh Ceum BA (le Urram) ann an Gàidhlig ’s Leasachadh. Mar phàirt dhen cheum agam rinn mi modalan coimpiutaireachd agus naidheachdas.

Nuair a bha mi nam oileanach aig SMO cha robh mi eòlach air mòran Gàidheil LCDTQ+ eile agus mar sin chruthaich mi a’ bhuidheann-còmhraidh GayGaels air Bebo gus am biodh àite ann airson Gàidheil LCDTQ+ a bhith a’ conaltradh ri chèile. As dèidh seo chruthaich mi am blog naidheachd LCDTQ+ Geidh.uk (no Naidheachdan Pinc mar a bh’ air aig an àm).

Ann an 2007 chruthaich mi AbairThusa a bha na chiad lìon-sòisealta do Ghàidheil.

‘S ann à Inbhir Pheofharain a tha mi o thùs agus tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Sìorrachd Rois cha mhòr fad mo bheatha.

‘S e bhìgean (glasraichear-cruaidh) a th’ annam.

Lean sinn

Cuir post-d thugainn

‘S e Twitter no Instagram an dòigh as fheàrr airson brath a chur thugainn ach mura h-eil thu airson an cleachdadh, ‘s urrainn dhut post-d a chur thugainn le bhith a’ lìonadh an fhoirm seo.