A' toirt thugaibh na naidheachdan teicneòlais as ùire

Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an iOS

2018-05-07

1 mion.

Coltach ri macOS chan eil cùs Gàidhlig a’ nochdadh ann an iOS.

Airson Gàidhlig a thaghadh mar locale feumaidh tu na leanas a dhèanamh:

Settings » General » Language & Region » Add Language agus cuir aig mullach na liosta e ann an Preferred Language Order.

Mar seo:

(‘S ann à iOS 11.4 a tha na dealbhan gu h-ìosal).

A-measg na h-applaidean Apple bidh an ceann-latha a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ach gu neònach cha bhi am mìosachan.

A-thaobh applaidean treas-phàrtaidh bidh cuid de applaidean a leithid Mozilla Firefox a’ nochdadh sa Ghàidhlig ach cha bhi Opera Mini.

A dh’aindeoin seo bidh làraichean-lìn a leithid Google a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ann an Apple Safari, Mozilla Firefox agus Opera Mini.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.