A' toirt thugaibh na naidheachdan teicneòlais as ùire

Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an macOS

2018-05-03

1 mion.

Gu mì-fhòrtanach chan eil cus Gàidhlig ann am macOS aig an ìre-sa ach o Mac OS X 10.8 a-mach ’s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale. Tha seo a’ ciallachadh gum bi prògraman treas-phàrtaidh a leithid Opera, VLC agus LibreOffice (agus prògraman eile a chleachdas gleus a dh’atharraicheas cànan nam prògraman a-rèir an locale) a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ged nach bi na prògraman a thàinig le Apple fhèin.

Airson Gàidhlig a thaghadh mar locale feumaidh tu na leanas a dhèanamh:

macOS 10.8 agus nas sìne:

System Preferences » Language & Text » Edit List » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta

macOS 10.9 agus nas ùire:

System Preferences » Language & Region » + » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta

Nuair a tha thu air sin a dhèanamh bidh am mìosachan, an ceann-latha agus cuid a phrògraman treas-phàrtaidh a’ nochdadh na Gàidhlig.

Mar seo:

(‘S ann à macOS 10.13.4 a tha na dealbhan gu h-ìosal).

Suidheachadh na Gàidhlig ann am macOS: Ceum 1

Suidheachadh na Gàidhlig ann am macOS: Ceum 2

Suidheachadh na Gàidhlig ann am macOS: Ceum 3

Suidheachadh na Gàidhlig ann am macOS: Ceum 4

Suidheachadh na Gàidhlig ann am macOS: Ceum 5

Calendar macOS anns a' Ghàidhlig

Cluicheadair VLC anns a' Ghàidhlig

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.