A' toirt thugaibh na naidheachdan teicneòlais as ùire

iTunes ri fhaoitinn ann an Stòr Microsoft mu dheireadh thall

2018-04-30

1 mion.

Còrr is bliadhna as dèidh fios-naidheachd ga ainmeacadh tha iTunes ri fhaoitinn ann an Stòr Microsoft ann an Windows 10.

‘S e stàladh beag a th’ ann mu 477MB agus aon uair ’s gu bheil e air a stàlladh tha e cha-mhòr co-ionann ris an tionndadh traidiseanta: ’s urrainn dha ceangal a dhèanamh ri iPhones agus iPads, ceòl a chluich agus tha ceòl, filmichean agus sreathan t.bh. ri fhaoitinn ann an Stòr iTunes.

Tha an tionndadh ùr seo a’ cleachdadh teicneòlas Centennial Microsoft – dòigh pacaigeadh suas applaidean Windows airson a sgaoileadh agus a stàladh tron Stòr.

Tha seo a’ ciallachadh nach bi e air ùrachadh leis an stàlaichear Apple ach leis an Stòr fhèin. Tha e cuideachd a’ ciallachadh nach tèid seirbheisean eile a leithid Apple Software Updater agus iCloud a stàlladh sa chùlaibh o chionn ’s nach eil Centennial apps ceadaichte air sin a dhèanamh.

Faodar a luchdachadh a-nuas bhon seo.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.