A' toirt thugaibh na naidheachdan teicneòlais as ùire

Apple air crìoch a chur air an loidhne AirPort aca

2018-04-29

1 mion.

Tha Apple air crìoch oifigeil a chur air an loidhne AirPort aca, a tha a’ gabhail a-steach an AirPort Express, an AirPort Extreme agus an AirPort Time Capsule.

Cha deach an loidhne ùrachadh o chionn 2013 ach tha iad air a bhith gan reic fhathast.

Thòisich Apple a’ reic rùtaran treas-phàrtaidh san Fhaoilleach am-bliadhna agus bhathar an dùil gum biodh iad a’ cur crìoch uaireigin air an loidhne aca fhèin.

Bidh na h-innealan Aiport fhathast rim faoitinn tro Apple.com agus bùithtean Apple a-réir faotainneachd ach tha a’ chompanaidh air sgrìobhainn taic ùr a cho-roinn a’ toirt seachad comhairle mu bhith a’ taghadh rùtar Wi-Fi airson a chleachdadh le innealan Apple. Tha iad a’ moladh rùtaran a’ tabhann 802.11ac, taic dà-chòmhlain, crioptachadh pearsanta WPA2, agus MIMO no MU-MIMO.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.