A' toirt thugaibh na naidheachdan teicneòlais as ùire

Tachartas Apple 21mh Mhàrt

2016-03-14

1 mion.

Tha Apple air cuiridhean a chur a-mach airson tachartas a bhios iad a’ cumail 21mh Mhàrt aig an àrainn aca ann an Cupertino.

Thathar an dùil gum bi iad a’ taisbeanadh iPhone ùr (iPhone SE), iPad Pro ùr a bhios nas bige, agus strapaichean ùra airson Apple Watch.

A bharrachd air seo thathar an dùil gum bi iad a’ leigeil a-mach dreachan ùra de OS X 10.11.4, iOS 9.3, tvOS 9.2, watchOS 2.2 agus iTunes.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.