A' toirt thugaibh na naidheachdan teicneòlais as ùire

Sùil air Launcher 7 airson Android

2011-07-17

1 mion.

Ma tha sibh air fàs sgìth dhen còltas oifigeil a th’ aig Android, tha an t-uabhas de Home Replacement apps ri fhaoitinn sa Mhargadh airson a atharrachadh.

Ach, ma tha Metro, an coltas oifigeil a th’ aig Windows Phone 7 a’ còrdadh riubh, faodar seo fhaighinn air Android a-nis le Launcher 7.

Tha Launcher 7 gu math sìmplidh ged a tha an t-uabhas de roghainnean ann airson ga dhèanamh sònraichte. Faodar dathan, ìomhaighean agus ainmean na h-apps atharrachdh. Cuideachd faodar Android widgets a chur ann.

Nuair a tha sibh ag iarraidh na h-apps eile nach eil ri fhaoitinn air am prìomh-sgrion, ma chliogas tu air an saighead aig a’ mhullach gheibhear sgrion eile le liosta slàn de na h-apps a th’ agaibh. Faodar apps san liosta a chur am falach, a chur às dhan fòn gu lèir air neo a chur ris a’ prìomh-sgrion le bhith a’ dèanamh clìog-fada orra.

Tha Launcher 7 ri fhaoitinn anns a’ mhargadh saoir an-asgaidh le sanasan ach tha dreach eile ri fhaoitinn airson €0.99 às aonais na sanasan.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.