A' toirt thugaibh na naidheachdan teicneòlais as ùire

Google+

2011-07-15

1 mion.

‘S e Google+ an t-ainm a th’ air an t-sèirbheis ùr sòisealta a th’ aig Google. Tha mi air a bhith ga chleachdadh fad na seachdain seo agus mar thà, tha mi cinnteach nach bi mi a’ tadhal air Facebook tuilleadh, ’s mi a’ beachdachadh air Twitter a thrèigsinn cuideachd. San fharsaingeachd, tha mi a’ smaointinn gu bheil Google+ a’ toirt na comharran as fheàrr à Facebook a bharrachd air na comharran eile (a leithid prìobhaideachd) leasachadh agus dèanamh ann an dòigh nas ùire agus nas fhasa ri chleachdadh.

Tòiseach-tòiseachaidh

Mura h-eil sibh air a fheuchainn fhathast, tha e gu math furasta ri thòiseachadh, gu h-àraidh ma tha sibh air Facebook a chleachdadh. Ma tha sibh air cuid dhe na sèirbheisean eile aig Google, a leithid Picasa air neo Buzz a chleachdadh, thèid am fiosrachadh a th’ aig na sèirbheisean seo mu ur deidhinn agus an susbaint a tha sibh air a chur riutha a thoirt a-steach gu Google+ gu fèin-ghluasadach, ach fhathast le bhith a’ leanntainn na riaghailtean prìobhaideach a tha sibh air a chur an gnìomh.

Cearcaill

Nuair a tha sibh air tòiseach-tòiseachaidh a dhèanamh, bidh an t-àm ann airson ur càirdean a lorg. A-rithist bidh Google+ a’ toirt a-steach na càirdean a th’ agaibh ann an Gmail gu fèin-ghluasadach ach faodar càirdean eile a lorg le bhith a’ dèanamh ceangal eadar Google+ ’s Yahoo agus Hotmail. A bharrachd air seo faodaidh sibh ainmean rannsachadh air Google+ fhèin gus faighinn a-mach ma tha ur càirdean ann mar thà. Nuair a tha sibh air ur càirdean a lorg, bidh agaibh ri gan cur ann an ordugh ann an Cearcaill. ‘S e seòrsa de bhuidhnean a th’ ann an Cearcaill mar eisimpleir faodaidh sibh cearcall a dhèanamh airson ur càirdean, fear eile airson ur teaghlach agus m.s.a.a.

Prìobhaideachd

Mar a thuirt mi mar thà, tha Google+ air prìobhaideachd a leasachadh agus a neartachadh. Mar eisimpleir ma rinneas sibh Cearcall airson ur co-obraichean agus fear eile airson ur teaghlach faodaidh sibh susbaint, a leithid bhido èibhinn, a sgaoileadh le Cearcall ur teaghlach chan fhaic ur co-obraichean e. A dh’aindeoin cho math ’s a tha an oidhirp a rinn Google+ a-thaobh prìobhaideachd, chan eil e foirfe fhathast. Cho fad ’s as aithne dhomh, chan eil dòigh ann airson a bhith a’ taghadh fo-chearcaill de chàirdean taobh a-staigh cearcaill airson a bhtih a’ conaltradh. Ach ghabhas seo a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh ainmean-cleachdaidh mar eisimpleir +Crìstean MacMhìcheill (air neo @Crìstean MacMhìcheil)

Sgaoileadh

‘S e sgaoileadh susbaint a th’ aig cridhe Google+ coltach ris an ‘News Feed’ a th’ aig Facebook agus an ‘Twitter stream’. Air Google+ bidh sibh a’ sgaoileadh susbaint anns an ‘Stream’ agaibh. San fharsaingeachd tha seo co-ionann ris an ‘News Feed’ aig Facebook, ach tha e rud beag diofraicte air sgàth ’s gum faod sibh taghadh cò leis a bhios sibh a’ sgaoileadh susbaint ach mar as tric air Facebook bidh sibh a’ sgaoileadh susbaint leis a h-uile duine. Faodar susbaint sgaoileadh le Google+ air fad, le cearcal/cearcaill sònraicte air neo le caraid/càirdean sònraicte ’s fiù ’s faodaidh sibh sgaoileadh le daoine nach eil air Google+ le bhith a’ cur post-d thuca.

Co-dhùnadh

Seo agaibh ro-ràdh do Google+. Dè ur beachd air? Am bidh sibh ga chleachdadh? A bheil sibh an dùil Facebook no Twitter a thrèigsinn? Faodaidh sibh freagairt a’ sgrìobhadh ann a sheo air neo tadhal orm air Google+: +Crìstean MacMhìcheil


Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.