Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an macOS

3 May 2018 le

Deasaichte: 3 May 2018

Roinnean-sèorsa: Apple, Gàidhlig, macOS

Gu mì-fhòrtanach chan eil cus Gàidhlig ann am macOS aig an ìre-sa ach o Mac OS X 10.8 a-mach ‘s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale. Tha seo a’ ciallachadh gum bi prògraman treas-phàrtaidh a leithid Opera, VLC agus LibreOffice (agus prògraman eile a chleachdas gleus a dh’atharraicheas cànan nam prògraman a-rèir an locale) a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ged nach bi na prògraman a thàinig le Apple fhèin. Airson Gàidhlig a thaghadh mar locale feumaidh tu na leanas a dhèanamh: macOS 10.8 agus nas sìne: System Preferences » Language & Text » Edit List » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta macOS 10.9 agus nas ùire: System Preferences » Language & Region » + » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta Mar seo: (‘S ann à macOS 10.13.4 a tha na dealbhan gu h-ìosal). Nuair a tha thu air sin a dhèanamh bidh am mìosachan, an ceann-latha agus cuid a phrògraman treas-phàrtaidh a’ nochdadh na Gàidhlig.

Tagaichean

, , , , , , , , , ,


Co-Roinneadh:



Thoir Beachd