Seachdamh beta de iOS 9.3 ri fhaoitinn

15 March 2016 le

Deasaichte: 15 March 2016

Roinnean-sèorsa: Apple, iOS

Chaidh an seachdamh beta de iOS 9.3 a’ sgaoileadh do luchd-leasachaidh le Apple Diluain.

Bidh iOS 9.3 na ùrachadh mhòr de dh’iOS 9 agus mar sin bidh e a’ toirt a-steach iomadh comharraidhean ùra.

Nam measg bidh Night Shift, comharradh a bhios ag atharrachadh speactram dathach an sgrìn gus am bi e nas fhasa ri leughadh air an oidhche.

A bharrachd air seo bidh comharraidhean ùra ann airson sgoiltean. Nam measg faodaidh sgoiltean cunntasan Apple ID a’ toirt dhan a h-uile sgoilear san sgoil gus am bi na sgoilearan comasach air logadh a-steach gu iPad sam bith san sgoil agus gheibh iad an obair aca fhèin air.

Bidh app ùr dhan luchd-teagaisg a bhios comasach air smachd a thoirt air na h-iPads aig na sgoilearan gus am bidh an clas a’ coimhead air an aon rud aig an aon àm. Cuideachd bidh luchd-teagaisg comasach air sgrìn sgoilear sam bith fhaicinn aig àm sam bith agus an sgrìn sin a glachadh le facal-faire gus deànamh cinnteach gu bheil an sgoiler ag obair mar bu chòir.

Thathar an dùil gum bi iOS 9.3 ri fhaoitinn dhan a’ mhòr-shluaigh 21mh Mhàrt as dèidh tachartas a bhios Apple a’ cumail aig an àrainn aca ann an Cupertino.


Tagaichean

, , , , , ,


Co-Roinneadh:



Thoir Beachd