iTunes ri fhaoitinn ann an Stòr Microsoft mu dheireadh thall

30 April 2018 le

Deasaichte: 30 April 2018

Roinnean-sèorsa: Apple, Microsoft, Windows

Còrr is bliadhna as dèidh fios-naidheachd ga ainmeacadh tha iTunes ri fhaoitinn ann an Stòr Microsoft ann an Windows 10.
‘S e stàladh beag a th’ ann mu 477MB agus aon uair ‘s gu bheil e air a stàlladh tha e cha-mhòr co-ionann ris an tionndadh traidiseanta: ‘s urrainn dha ceangal a dhèanamh ri iPhones agus iPads, ceòl a chluich agus tha ceòl, filmichean agus sreathan t.bh. ri fhaoitinn ann an Stòr iTunes.
Tha an tionndadh ùr seo a’ cleachdadh teicneòlas Centennial Microsoft – dòigh pacaigeadh suas applaidean Windows airson a sgaoileadh agus a stàladh tron Stòr.
Tha seo a’ ciallachadh nach bi e air ùrachadh leis an stàlaichear Apple ach leis an Stòr fhèin. Tha e cuideachd a’ ciallachadh nach tèid seirbheisean eile a leithid Apple Software Updater agus iCloud a stàlladh sa chùlaibh o chionn ‘s nach eil Centennial apps ceadaichte air sin a dhèanamh.
Faodar a luchdachadh a-nuas bho https://www.microsoft.com/store/productId/9PB2MZ1ZMB1S


Tagaichean

, , , ,


Co-Roinneadh:



Thoir Beachd