Apple Music na chiad seirbheis-ciùil le còirichean airson ath-mheasgachaidhean a thabhann

15 March 2016 le

Deasaichte: 15 March 2016

Roinnean-sèorsa: Apple

Tha Apple air aontachadh le Dubset Media Holdings gum faod iad òrain measgte agus measgachaidhean DJ a chur ris an seirbheis-ciùil aca, Apple Music.

A-rèir Billboard, bidh Apple na chiad seirbheis-ciùil le còirichean airson òrain measgte agus measgachaidhean DJ a thabhann. Gu ruige seo bha poileasaidh còirichean a’ ciallachadh nach b’ urrainn do sheirbheis sam bith na h-òrain a thabhann.

Bidh Dubset Media Holdings a’ cleachdadh teicneòlas air ainmeachadh MixBank airson mìon-sgrùdadh a’ dèanamh air na h-òrain gus sampaill a lorg nam broinn agus an uairsin bidh iad a’ paigheadh na luchd-seilbhe air an son.

Thuirt Billboard gur e giullachd gu math doirbh a th’ ann:-

But licensing remixes and DJ mixes, both based on original recordings, is incredibly complex. A single mix could have upward of 600 different rights holders. According to CEO Stephen White, a typical mix has 25 to 30 songs that require payments to 25 to 30 record labels and anywhere from two to ten publishers for each track.

Chan e ach toiseach-tòisichidh a tha seo ars Stephen White. “The goal is to bring this to all 400 distributors worldwide. When you think about unlocking these millions of hours of content being created, it’s significant monetization for the industry.


Tagaichean

, , , , , , , , ,


Co-Roinneadh:



Thoir Beachd