Apple air crìoch a chur air an loidhne AirPort aca

29 April 2018 le

Deasaichte: 29 April 2018

Roinnean-sèorsa: Apple

Tha Apple air crìoch oifigeil a chur air an loidhne AirPort aca, a tha a’ gabhail a-steach an AirPort Express, an AirPort Extreme agus an AirPort Time Capsule.
Cha deach an loidhne ùrachadh o chionn 2013 ach tha iad air a bhith gan reic fhathast.
Thòisich Apple a’ reic rùtaran treas-phàrtaidh san Fhaoilleach am-bliadhna agus bhathar an dùil gum biodh iad a’ cur crìoch uaireigin air an loidhne aca fhèin.
Bidh na h-innealan Aiport fhathast rim faoitinn tro Apple.com agus bùithtean Apple a-réir faotainneachd ach tha a’ chompanaidh air sgrìobhainn taic ùr a cho-roinn a’ toirt seachad comhairle mu bhith a’ taghadh rùtar Wi-Fi airson a chleachdadh le innealan Apple. Tha iad a’ moladh rùtaran a’ tabhann 802.11ac, taic dà-chòmhlain, crioptachadh pearsanta WPA2, agus MIMO no MU-MIMO.


Tagaichean

, , , , ,


Co-Roinneadh:



Thoir Beachd