Apple a’ cur casg air applaidean a tha a’ roinn dàta làraich le treas pàrtaidhean

12 May 2018 le

Deasaichte: 12 May 2018

Roinnean-sèorsa: Applaidean, Apple, iOS

A-rèir còltas tha Apple a’ sguabadh applaidean às an App Store aca ma tha iad a’ roinn dàta làraich le treas pàrtaidhean gun cead sòilleir bho luchd-cleachdaidh.
Ma tha luchd-leasachaidh airson na h-applaidean aca a chur a-steach dhan App Store a-rithist bidh aca ris na h-applaidean atharrachadh gus nach bidh iad a’ roinnn an dàta seo.
A-rèir 9to5Mac chaidh na h-applaidean sguabadh  às airson earrannan 5.1.1 agus 5.1.2 de Stiùireadh an App Store a bhriseadh.
Tha earrann 5.1.1 ag ràdh:

Your app description should let people know what types of access (e.g. location, contacts, calendar, etc.) are requested by your app, and what aspects of the app won’t work if the user doesn’t grant permission.

Agus tha earrann 5.1.2 ag ràdh:

Data collected from apps may not be used or shared with third parties for purposes unrelated to improving the user experience or software/hardware performance connected to the app’s functionality, or to serve advertising in compliance with the Apple Developer Program License Agreement.


Thathar a’ tuigsinn gu bheil seo na phàirt dhen oidhirp aig Apple a bhith a’ gabhail ri Riaghailtean GDPR an Aonadh Eòrpadh a tha gu bhith èifeachdach 25mh dhen Chèitean.
Tha prìobhaideachd air a bhith na amas nas motha do Apple na companaidhean teicneòlais eile ach leis na connspaidean prìobhaideachd o chionn ghoirid air Facebook agus Google tha Apple air gluasad gus cuideam a chur air.
Tha grunn innealan prìobhaideachd ùra aig Apple cuideachd a bhios rim faotainn do luchd-cleachdaidh air feadh an AE agus dùthchannan eile ron àm a bhios an GDPR ann. Nam measg tha làrach-lìn ùr airson Apple IDs a riaghladh le feart a leigeas le luchd-cleachdaidh lethbhreac den dàta gu lèir aca luchdachadh a-nuas agus sgrìnichean-splash ùr a mhìnicheas poileasaidhean prìobhaideachd na companaidh agus mar a bhios aplacaidean fa leth a’ cleachdadh dàta.


Tagaichean

, , , , , , , ,


Co-Roinneadh:



Thoir Beachd